'S e provincia na Spàinne a tha ann an Araba (IPA: aˈɾaba, Spàinntis: Álava). Tha e na laighe ann an Dùthaich nam Basgach, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Vitoria-Gasteiz a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1833 le Javier de Burgos, a bha na Rùnaire na Stàite agus Leasachaidh aig an àm.[1] B' e an siostam-riaghalaidh iondail na Frainge a chleachd e mar mhodal. Chuireadh a-steach na Coimhearsnachd fèin-riaghlaidh Euskadi i ann an 1978, nuair a sgrìobhadh Bun-reachd ùr.[2] Sìnidh Bizkaia fad 2,963km²[3] agus tha 319,227 duine a' fuireach ann.[4] Le sin, 's e an treas roinn as lugha na Spàinne a thaobh talmhainn agus an 9mh as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. Tha crìochain aice le Bizkaia, Burgos, Cantàbria, Gipuzkoa, La Rioja agus Nafarroa.[5] 'S e Basgais agus Spàinntis a tha gam bruidhinn an seo.