Còiseam Mòr
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e impire nan Ròmanach a bha ann an Còiseam Mòr.
Còiseam Mòr | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
| |||||||
25 dhen Iuchar 306 (Gregorian) - 22 dhen Chèitean 337 (Gregorian)
25 dhen Iuchar 306 - 22 dhen Chèitean 337 | |||||||
Beatha | |||||||
Ainm slàn | Flavius Constantinus | ||||||
Breith |
Niš (en) ![]() | ||||||
Dùthaich | An t-Seann Ròimh | ||||||
Bàs |
Nicomedia (en) ![]() | ||||||
Àite-adhlacaidh |
Church of the Holy Apostles (en) ![]() | ||||||
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra | ||||||
Teaghlach | |||||||
Athair | Constantius Chlorus | ||||||
Màthair | Helena Augusta | ||||||
Cèile |
Minervina (en) ![]() Fausta (en) ![]() | ||||||
Clann | |||||||
Bràithrean ⁊ peathraichean | |||||||
Fine |
Constantinian dynasty (en) ![]() | ||||||
Foghlam | |||||||
Cànain | Laideann | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs, luchd an airm agus flaitheach | ||||||
Obraichean comharraichte |
Debates of Constantine (en) ![]() | ||||||
Tèarmann | |||||||
21 an Cèitean agus 6 an Giblean | |||||||
Creideamh | |||||||
Creideamh |
Crìosdaidheachd creideamh san t-Seann-Ròimh |
Rugadh e ann an Niš, no Naissius mar a bha air aig an àm sin, anns an Roinn Bhàlcanach ann an 272.[1] Thàinig e gu Breatainn ann an 305 còmhla ris athair Constantius Chlorus a bha na ìmpire aig an àm is a chaochail ann an Eabhraig ann an 306. Fhuair e taic bho saighdearan Ròmanach is chaidh e na ìmpire. Thug e taic gu Crìostachd, a bha mì-laghail anns an Ìmpireachd ro Fuagradh Mhilan ann an 313, is fhuair Eabhraig a chiad easbaig ann an 312. Stèidhich e Baile Chòiseim ann an Anatol.[2]
Bha ceithir impirean aig an àm sin agus cha robh smachd aige air an Ròimh gus Blàr Drochaid Milvio ann an 312 far an do thug a fheachdan buaidh air Maxentius, ìmpire eile. Thug e buaidh air Licinius agus Licinianus, na h-ìmpirean eile mu dheireadh, anns na Blàran Hellespont agus Chrysopolis is chaidh e na ìmpire aonair ann an 324. Chaochail e ann an 337.[1]
Fo Chòiseam Mòr ann an 325 thachair Comhairle Nicaea ann an Nicaea, faisg air Baile Chòiseam. An sin dh'aontaich muinntir nan eaglaisean Crìostail air algairim airson ceann-là na Càisge is Creud Nicaea - dè bu chòir do Chrìostaich a chreidsinn.[3]