Guðni Thorlacius Jóhannesson
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e eachdraiche, eadar-theangair, neach-teagaisg oilthigh, sgrìobhadair agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Guðni Thorlacius Jóhannesson (ˈkʏðnɪ ˈtʰɔrlaˌsiːjʏs ˈjouːhanːɛsˌsɔn).[1] Rugadh e air 26 an t-Ògmhios 1968 ann an Reykjavík ach thogadh e ann an Garðabær. Fhuair Jóhannesson a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn í Reykjavík agus an uair sin thug e ceum ann an Saidheans Poileataigeach bho Oilthigh Warwick (1991) agus an uair sin rinn e MA ann an Eachdraidh bho Oilthigh Innis Tìle (1997).[2] Fhuair e MSt bho Oilthigh Oxford agus dotaireachd bho Oilthigh na Banrighe Màiri Lunnainn (2003). Phòs e aig Elín Haraldsdóttir ann an 1995 agus fhuair iad nighean. Dhealaichte iad ann an 1996.[3] Ann an 2004 phòs e a-rithist, an turas seo aig Eliza Reid. Tha ceathrar chloinne aca. Chuir Jóhannesson bliadhnaichean a' teagasg eachdraidh ann an iomadh oilthigh ann Innis Tìle agus thall thairis: Oilthigh Lunnainn, Oilthigh Reykjavík, Oilthigh Bifröst agus Oilthigh Innis Tìle, far an robh e na ollamh.[4] A bharrachd air sin tha còig cànain aige cuideachd: Innis-Tìlis, Beurla, Danmhairgis, Nirribhis, Ruisis agus Gearmailtis. Eadar 2011 agus 2015 bha e na chathraiche Sögufélag (Gàidhlig: Comman Eachdraidh Innise Tìle).[5] Chaidh a thaghadh mar cheann-suidhe ann an 2016.
Guðni Thorlacius Jóhannesson | |||||
---|---|---|---|---|---|
25 dhen Ògmhios 2016 - 31 dhen Iuchar 2016
1 dhen Lùnastal 2016 - ← Ólafur Ragnar Grímsson Taghadh: 2016 Icelandic presidential election (en) | |||||
Beatha | |||||
Breith | Reykjavík, 26 dhen Ògmhios 1968 | ||||
Dùthaich | Innis Tìle | ||||
Ciad chànan | Innis Tìlis | ||||
Teaghlach | |||||
Athair | Jóhannes Sæmundsson | ||||
Màthair | Margrét Thorlacius | ||||
Cèile |
Elín Haraldsdóttir (en) Eliza Reid (en) (2004 - | ||||
Bràithrean ⁊ peathraichean |
liosta
| ||||
Foghlam | |||||
Foghlam |
Oilthigh Warwick Oilthigh Bonn Oilthigh Reykjavík Oilthigh na Banrighe Màiri Lunnainn Oilthigh Innis Tìle St Antony's College (en) Oilthigh Oxford | ||||
Cànain |
Innis Tìlis Beurla Danmhairgis Nirribhis Ruisis Gearmailtis | ||||
Dreuchd | |||||
Dreuchd | eachdraiche, neach-teagaisg oilthigh, eadar-theangair agus neach-poileataigs | ||||
Àitichean-obrach | Reykjavík agus Lunnainn | ||||
Fastaichean |
Oilthigh Lunnainn Oilthigh Bifröst Oilthigh Innis Tìle | ||||
Duaisean a fhuaras |
liosta
| ||||
Creideamh | |||||
Pàrtaidh poileataigeach | no value | ||||
gudnith.is |