Marco Fidel Suárez
From Wikipedia, the free encyclopedia
B' e Neach-poileataigs agus riochdaire dioplòmasach à Coloimbia[1] a bh' ann am Marco Fidel Suárez (Hatoviejo (Bello), 23 an Giblean 1855 - Bogotá, 3 an Giblean 1927).[2] Bha e na cheann-suidhe eadar 1918 agus 1921. B' e an 32mh ceann-suidhe na dùthcha a bh' ann.[3]
Marco Fidel Suárez | |||||||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|---|
10 dhen Mhàrt 1891 - 1895
7 dhen Lùnastal 1914 - 30 dhen Dàmhair 1917
10 dhen Lùnastal 1918 - 11 dhen t-Samhain 1921 ← José Vicente Concha - Jorge Holguín Jaramillo →
7 dhen Lùnastal 1926 - 12 dhen Fhaoilleach 1927 ← Eduardo Restrepo Sáenz (en) | |||||||||||
Beatha | |||||||||||
Ainm slàn | Marco Fidel Suárez Barrientos | ||||||||||
Breith | Bello, 23 dhen Ghiblean 1855 | ||||||||||
Dùthaich | Coloimbia | ||||||||||
Bàs | Bogotá, 3 dhen Ghiblean 1927 | ||||||||||
Àite-adhlacaidh | Central Cemetery of Bogotá (en) | ||||||||||
Teaghlach | |||||||||||
Athair | José María Barrientos Jaramillo | ||||||||||
Clann | |||||||||||
Foghlam | |||||||||||
Cànain | Spàinntis | ||||||||||
Dreuchd | |||||||||||
Dreuchd | stàitire, sgrìobhadair, dioplomat agus neach-poileataigs | ||||||||||
Obraichean comharraichte | Q5981213 | ||||||||||
Duaisean a fhuaras | |||||||||||
Ballrachd | Academia Colombiana de la Lengua (en) | ||||||||||
Creideamh | |||||||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Glèidhteachail Choloimbia |
Rugadh Suárez ann am bochdainn ann an taigh suarach ann an Hatoviejo, faisg air Medellín. B' e mac dìolain mhnatha bhochd air an robh Rosalía Suárez agus José María Barrientos, uachdaran cumhachdail nach do dh' aithnich a mhac a-riamh. Le sin, bha dìreach sloinneadh a mhàthar aige an àite dhà a chithear mar as àbhaist anns na dùthchanan far a bheil Spàinntis ga bruidhinn. Dhùilteadh mòran dhaoine e air sgàth sin - Laureano Gómez Castro nam measg. Cha robh an t-uabhas airgead ann airson na sgoile agus b' fheudar dha seasamh aig an uinneig taobh a-muigh a' chlas airson an neach-teagaisg a chluinntinn. A dh'aindeoin sin, chaidh e dhan oilthigh agus bha e na bhall acadamaidh na dùthcha agus na bhàrd ainmeil.
Bha Suárez na shaighdear ann an Antioquia anns na 70an nuair a sgiùrsadh còmhsti sìobhalta an sgìre.[4] Phòs e aig Isabel Orrantia y Borda ann an 1895 agus rug i dithis dhuine-cloinne dha. Chaochail a bhean ann an 1901. Dh'eug a mhàthair agus a mhac ann an 1918: bha a mhac na oileanach ann am Pittsburgh aig an àm.
B' e ball a’ Phàrtaidh Thòraidh Choloimbia a bh’ ann Suárez ged nach do thoisich e a bhith an lùib poileataigs aig àrd ìre mus robh e 41 bliadhna a dh'aois. Bha e na mhinistear an fhoghlaim fo Carlos E. Restrepo Restrepo (1911 - 1912) agus na Mhinistear nan Dùthchanan Cèin fo Miguel Abadía Méndez (1926 - 1927). Chaidh a thaghadh ceann-suidhe na dùthcha ann an 1918. Lean e polasaidhean a neartachadh an ceangail eadar Coloimbia agus Na Stàitean Aonaichte. B' e Estrella del Norte (Rionnag an Tuath) an t-ainm a bha air sin,[5] air sàilleabh gu robh Suárez dhen bheachd gur e modal sònraichte a bh' anns na Stàitean a thaobh chultair agus phoileataigs. A bharrachd air sin, thoisich e siosatam nan Cìsean cosnaidh, cagar adhair agus post-adhair. Thug e sgioba dhan dùthaich a dh' ullaich na Feachdan Adhair.[6] Leig Suárez an dreuchd dheth o chionns gum fàgadh airsan gu robh e ri cleachdaidhean coirbe.[7]