Loading AI tools
Aus Wikipedia, der freien Enzyklopädie
'S e an t-eilean as motha anns na h-eileanan a-staigh a tha anns an Eilean Sgitheanach, ainm eile: "Eilean a' Cheò". `S e an darna eilean as motha anns na Eileanan Siar gu lèir an dèidh Leòdhais agus na Hearradh.
Tha an t- eilean cho mòr ri 1.656, 25 cilemeatair ceàrnach. Anns a' bhliadhna 2001 bha 9.232 duine a' fuireach anns an eilean fhèin.
'S e cruth an eilean mar 5 rubhan fa-leth coltach ri leth-tarsainnean cuibhle, ceangailte aig cioch far a bheil an Cuiltheann, beanntain stucach 3,000 troigh an àirde, ag èirich os cionn na mara.
'S e Sgurr Alaisdair a' bheinn as àirde air feadh an eilein, tha i cho mòr ri 993 meatair (3.257 troigh).
'S e Port Rìgh na phrìomh-bhaile, 's e cuideachd am baile as motha a th' anns an eilean. Tha port-mara Phort Rìgh leis na taighean daithe gu math tric ri fhaicinn air cairtean phuist.
Canar gun d' tàinig an t-ainm às a' chànan Gàidhlig, a tha a' ciallachadh: The winged isle (eilean le sgiathan) neo bhon fhacal seann Lochlannaich: Skuyö, a tha a' ciallachadh: "Eilean fo sgothan.
Bha na Lochlannaich air an eilean eadar an 9mh linn agus an 12na linn AC.
Tha àiteachas, ceàird-làimhseachadh (craftmaking), gnìomhachas uisge-beatha agus an roinn turasachd glè chudthromach airson eaconomaidh an eilean.
ach chan eil ach 100 croit a tha mòr gu leòr airson dòigh - bheatha /a bhith beò as.
Tha taigh-staile Talasgair ann. Cuideachd tha Mac-na-Mara, Tè bheag nan Eilean agus Poit Dhubh ann, Uisge- beatha measgte (blended) bhon Eilean Iarmainn ann an Slèite.
Tha an Ionad Àros faisg air Port Rìgh a`reic mòran stugh do na luchd turais.
As t-samhradh tha mòran luchd-turais a' tighinn don eilean seo. Tha an t-Eilean Sgitheanach cliùiteach airson na seallaidhean brèagha, m.e.:
Tha mòran seann chaisteil ann rin faicinn, m.e:
Tha beathaichean fiach, m. e. : an iolaire buidhe, an iolaire-mhara agus an dòbhran (biast dhubh/otter) fhathast rin faicinn anns an Eilean Sgitheanach
Tha taisbeanachd mun dualchas agus croitearachd ann an tuath an eilean.
Tha ceangal gu tìr mhòr Bhreatainn le drochaid "skye Bridge". (Skye Bridge: Chaidh an drochaid eadar Caol Loch Aillse agus Caol Acain a thogail anns a` bhliadhna 1995. Ach bha muinntir an eilein a gearan mun phrìs (7.50 notaichean) a b`fheudar dhaibh a bhith a` paigheadh. Mar sin dheth cheannaich Riaghaltas na h-Alba an drochaid ann an 2004. An dràsda `s urrainnear an drochaid cleachdadh saor `s asgaidh.)
Tha bàtaichean aiseig a' ruith eadar Armadale agus Mallaig, cuideachd eadar Caol Acain agus Gleann Eilge. Tha bàtaichean eile a`dol eadar Uige agus Tairbeart/na Hearadh, agus eadar Uige agus Loch nam Madadh/Uibhist a Tuath.
Tha busaichean a' ruith gu Inbhir Nis agus gu Glaschu
Tha Sabhal Mòr Ostaig, colaiste Gàidhlig, suidhichte ann an Slèite, ann an ceann a deas an eilein.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.