Benutzer:Sionnach/Artikel
aus Wikipedia, der freien encyclopedia
'S e an t-eilean as motha anns na h-eileanan a-staigh a tha anns an Eilean Sgitheanach, ainm eile: "Eilean a' Cheò". `S e an darna eilean as motha anns na Eileanan Siar gu lèir an dèidh Leòdhais agus na Hearradh.
Tha an t- eilean cho mòr ri 1.656, 25 cilemeatair ceàrnach. Anns a' bhliadhna 2001 bha 9.232 duine a' fuireach anns an eilean fhèin.
'S e cruth an eilean mar 5 rubhan fa-leth coltach ri leth-tarsainnean cuibhle, ceangailte aig cioch far a bheil an Cuiltheann, beanntain stucach 3,000 troigh an àirde, ag èirich os cionn na mara.
'S e Sgurr Alaisdair a' bheinn as àirde air feadh an eilein, tha i cho mòr ri 993 meatair (3.257 troigh).
'S e Port Rìgh na phrìomh-bhaile, 's e cuideachd am baile as motha a th' anns an eilean. Tha port-mara Phort Rìgh leis na taighean daithe gu math tric ri fhaicinn air cairtean phuist.
Canar gun d' tàinig an t-ainm às a' chànan Gàidhlig, a tha a' ciallachadh: The winged isle (eilean le sgiathan) neo bhon fhacal seann Lochlannaich: Skuyö, a tha a' ciallachadh: "Eilean fo sgothan.
Bha na Lochlannaich air an eilean eadar an 9mh linn agus an 12na linn AC.