From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha am baile Český Krumlov (Krum(m)au an der Moldau neo Böhmisch Krum(m)au sa Ghearmailtis, Crumlaw sa Laideann) na laighe aig ceann deas na Seice, 492 meatair (1,614 troigh) os cionn àirde na mara, faisg air a’ chrìoch bheanntach Šumava. Tha am baile ainmeil air sgàth an ailtireachd aige. Chaidh a stèidheachadh ann an 1240. Tha am meadhan-bhaile aige air an liosta de làraichean dualchais na Cruinne aig UNESCO, agus 's e a chaisteal an dàrna fear as motha san dùthaich (as dèidh Caisteal Prague). Ann an 2007 bha beagan còrr is 14,000 duine a' fuireach ann.
Český Krumlov
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An t-Seic | ||||
Ceàrn | Prachatice | ||||
Sgìre | Jihočeský kraj | ||||
Co-chomharran | 48° 49 00' Tuath 14° 19 00' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 22.16 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 14,056 (2017) | ||||
Dlùths | 634.3/km² | ||||
Àireamh fòn | + 499 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.ckrumlov.info/php/ |
Bhuineadh am baile dhan Ostair-Ungaire bho 1867 gu ruige 1918.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.