Cearcall
From Wikipedia, the free encyclopedia
Is e cruth geomatrach a tha ann an cearcall. Tha cearcall coltach ri fàinne, ach gun tiughad, théid a riochdachadh le loidhne a chromas gu cunbhalach mus an còinneach e le a phuing tòiseachaidh. Is feart chearcaill sam bith, gum bith gach puing air a chuairt-loidhne aig a h-aon astar bho puing stéidhichte. Chanar lar a' chearcaill ris a' phuing seo agus an reidius ris an astar eadar lar agus cuairt-loidhne. Tha e soilleir gu bheil an reidius co-ionnan ris an leth-phàirt de trast-thomhais a' chearcaill.
Tha cruth chearcall coltach ri cruth cearcall air bith eile, agus do bhrìgh sin, tha e soilleir gum bith an riochd eadar trast-thomhais chearcaill agus fad cuairt-loidhne a' chearcall na cunbhalach coitcheann.
Far a bheil an litir T a' riochdachadh fad an trast-thomhais agus an litir C a' riochdachadh fad a' chuairt-loidhne is fìor gu bheil
C/T=Cunbhalach Coitcheann
Tha an Cunbhalach coitcheann seo comharraichte leis an litir Greugais π ( "pi")
Mar sin: π = C/T
Cha lorgar Dearbhadh Deireannach air luach π, ach tomhaisear e a bhith dlùth ri 22/7 neo 3.142.