Cleachdaiche:JokesOnMe/Foirmle a h-Aon
From Wikipedia, the free encyclopedia
Teamplaid:Infobox motorsport championship
Is e Foirmle a h-Aon (ris an canar cuideachd Foirmle 1 no F1 ) an clas as àirde de rèiseadh chàraichean eadar-nàiseanta airson càraichean rèisidh aon-suidheach a tha fo ùghdarrais am Fédération Internationale de l’Automobile (FIA). Chaidh Farpais Dràibhearan na Cruinne a stèidheachadh ann an 1950 . Tha am facal foirmle san ainm a' toirt iomradh air na riaghailtean ris an fheum na càraichean cumail.[1] Ann an seusan Foirmle a h-Aon, tha sreath de rèisean ris an canar Grands Prix (a' ciallachadh 'duaisean mòra' ann am Fraingis), a bhios a' gabhail àite air feadh an t-saoghail air cuairtean a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothach agus air rathaidean poblach dùinte.
Tha toraidhean gach rèis air am measadh a' cleachdadh siostam puingean gus dà Farpais Cruinne bliadhnail a dhearbhadh: tè airson dràibhearan, agus tèile airson luchd-cruthachaidh . Feumaidh Sàr-cheadachas no 'Super Licence' a bhith aig gach dràibhear.[2] Cuideachd, feumaidh na rèisean ruith air cuairtean a tha dearbhte leis an FIA aig ìre "1" ("A" roimhe seo), an ìre as àirde de chàileachd. Bidh a' mhòr-chuid de na tachartasan ann an àiteachan dùthchail, air cuairtean a chaidh an togail a dh'aona-ghnothach, ach bidh feadhainn dhuibh a' gabhail àite air sràidean mòr-bhailtean.