Cànanan Innd-Eòrpach
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e a h-uile cànan a bhuineas do theaghach mòr nan teangaichean le freumhan ann an ro Innd-Eòrpach, air a ath-chruthachadh leis na cànanaichean, a th’ann na Cànanan Innd-Eòrpach. Gheibh sin a-steach na cànain air am bruidhinn le 3,000 duine aig ìre eadar-nàiseanta agus a’ mhòr-chuid dhe na cànain san Roinn Eòrpa agus air an àirde an ear-dheas Àisia. Air sailleabh adhbharan eachdraidheil, bithear gam bruidhinn air feadh na cruinne, agus tha iad gu math làidir thall anns na h-Aimearagan agus Roinn a' Chuain Shèimh. ‘S e ball na buidhne seo a th’anns a’ Ghàidhlig. A bharrachd air sin s’ ann leis an teaghlach seo a tha na cànain a leanas, gam bruidhinn le còrr is 50 millean dhe daoine: Beurla, Bangla, Eadailtis, Farsi, Fraingis, Gearmailtis, Gujarati, Hindi, Portagailis, Ruisis agus Spàinntis.