![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/1/1a/Port_Nach_Breacaidh_976874.jpg/640px-Port_Nach_Breacaidh_976874.jpg&w=640&q=50)
Inbhir Ghòrdain
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Inbhir Ghòrdain[1] no an Rubha (Beurla: Invergordon).[2] A-rèir Iain Mhic an Tàilleir chaidh an t-ainm Rubha Nach Breacaidh a chleachdadh cuideachd, b' e sin an t-àite far an robh na h-aiseagan a' falbh bhon bhaile gu àitichean eile.[2]
Inbhir Ghòrdain | |
![]() Port Nach Breacaidh ann an Inbhir Ghòrdain | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Ros an Ear |
Co-chomharran | 57° 41′ 16.51″ 4° 9′ 25.34″ |
Comharradh-clèithe | NH715685 |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 4,075 (2011) |
Àireamh fòn | 01349 |
Còd-puist | IV18 |
Tha am baile suidhichte air bruach Chaolais Chrombaidh, tha Cromba air an taobh eile dhen chaolas. Tha stèisean-rèile ann air Loidhne Chinn a Tuath eadar Alanais agus Manachainn Rois.[3][4]
Tha port-mara aige ris an canar Port Nach Breacaidh. Is e Inbhir Ghòrdain am port as trainge ann an Alba airson soithichean luchd-turais.[5]
Anns a' bhliadhna 2001 bha 3,890 duine a' fuireach an seo.[6]