'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Jämtlands län (Suomais: Jämtlandin lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh, ann an ceann a tuath na dùthcha, gu deas air Västerbottens län. 'S e Östersund a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1810. Sìnidh Jämtlands län fad 49,443km² agus tha 127,376 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an treas roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 20mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 8 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Östersund nam measg.