Lomé
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e prìomh-bhaile Tògo a tha ann an Lomé.[1] Tha e suidhichte aig an Gulf of Guinea anns an earra-dheas Tògo faisg air crìoch Ghàna. Tha Lomé 172km air falbh bho Accra (Gàna), 756km bho Ouagadougou (Burkina Faso), 772km bho Yamoussoukro (Costa Ìbhri) agus 136km bho Cotonou (Benin).[2] 'S e seo an co-chomharran aige: 6° 7’ 55” Tuath agus 1° 13’ 22” Ear. Tha e suidhichte ann an ceann a deas na dùthcha, aig 64m os cionn ìre na mara.[3]
Lomé
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | Togo | ||||
Ceàrn | Lomé Mòr | ||||
Sgìre | Martime | ||||
Co-chomharran | 06° 08 14' Tuath 01° 12 45' Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 90 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 737,751 (2006) | ||||
Dlùths | 8,197.23/km² | ||||
Duilleag oifigeil | http: |
Anns a’ bhliadhna 1998 bha mu 700,000 duine a’ fuireach anns a’ bhaile fhèin. Chaidh am baile a stèidheachadh mar Bey Beach anns an 18mh linn. Bho 1882, nuair dh’fhosgail an companaidh-malairt Breatannach A. and F. Swanzy an seo, b’e àite malairt cudthromach a bha ann. 'S e an taigh-òsta 2 Fevrier Sofitel Hotel an togalach as àirde a tha anns a’ bhaile agus ann an Tògo gu lèir. Tha oilthigh University of Lomé ann. Tha port-adhair ann cuideachd: Lomé-Tokoin Airport.