Meadhan-talmhainn (Tolkien)
From Wikipedia, the free encyclopedia
Is e Meadhan-talmhainn an tìr ùirsgeulach sna leabhraichean fantasach aig an ùghdar Shasannach J.R.R. Tolkien. ’S ionann an t-ainm seo agus na h-ainmean-àite Miogaror ann am fionn-sgeulan Lochlannach ’s Middangeard ann an sgrìobhaidhean Seann-Bheurla Shasainn, leithid Beowulf. Is e Meadhan-talmhainn an tìr sa bheil mac-an-duine a' tàmh, prìomh ranntair na Talmhainn ann am mac-meanmna Tolkien. Shuidhich e An Hàbat agus Tighearna nam Fàinneachan, na sgeulachdan as aithnichte aige, ann am Meadhan-talmhainn air fad. An-diugh, theirear "Meadhan-talmhainn" ri seanchaidheachd Tolkien, ’s e sin an corpas de na sgrìobhaidhean fantasach, agus an saoghal ùirsgeulach aige gu lèir.
’S e Meadhan-talmhainn mòr-thir na Talmhainn (Arda) ann an seann aimsir uirsgeulach na Talmhainn, a thig gu crìoch mun Treas Aimsir bho chionn mu 6,000 bliadhna. Tha a' mhòr-chuid de na sgeulan aig Tolkien air an suidheachadh mu cheann an iar-thuath Mheadhan-talmhainn. Tha an ceàrn seo, taobh an iar-thuath an t-Seann Shaoghail, coltach ris an Roinn-Eòrpa agus tha suaip aig pàirtean de an t-Siorrachd ri Sasainn, gu h-àraidh West Midlands, leis gu bheil am baile sa mheadhan, Hobbiton, suidhichte aig an aon domhan-leud ri Oxford.
Tha Meadhan-talmhainn Tolkien air a thuineachadh le Daoine, ach cuideachd le Eilfean, Troichean, Eantan, agus Hàbatan, agus tha uilebheistean leithid Dràgonan, Trobhaichean, is Òrcan a' còmhnaidh ann. Ann an eachdraidh na h-inntinn seo, crìonaidh na sluaghan eile, an dèidh an ama a leughar sna leabhraichean, gus nach eil ach Daoine air fhàgail san t-saoghal.