'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Norrbottens Län (Suomais: Norrbottenin lääni). Tha i na laighe air na crìochan le Nirribhidh agus Suòmaidh, ann an ceann a tuath na dùthcha. 'S e Luleå a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1810. Sìnidh Norrbottens Län fad 98,911km² agus tha 249,733 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an tè as lugha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis, Suòmais agus Sami a tha gam bruidhinn an seo. Chan eil ach 14 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo, Boden nam measg.