Pàrtaidh Làbarach na h-Alba
From Wikipedia, the free encyclopedia
‘S e Pàrtaidh Làbarach na h-Alba an t-ainm a tha air a’ Phàrtaidh Làbarach ann an Alba. Tha làmh an uachdair air a bhith aig a’ phàrtaidh seo ann an Alba fad mòran bhliadhna agus tha na Làbaraich Albannach air a bhith an sàs ag obair airson buaidh nam Làbarach air feadh na Rìoghachd bho na 60an, an dà chuid aig ìre na Breatainne agus aig ìre na Roinn Eòrpa (bho 1979), a bharrachd air Pàrlamaid na h-Alba cuideachd (bho 1999. Aig an àm sin tha dà sheat (dhe seachd) aca anns A' Bhruiseal, 46 (dhe 129) ann an Dùn Èideann agus 39 (dhe 59) ann an Lunnainn.
Pàrtaidh Làbarach na h-Alba | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 1909 |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Deamocrasaidh Sòisealta Aonaidhean-ciùird Aonachas Sòisealas deamocratach |
Oifisean | John Smith House, 145 West Regent Street, Glaschu, G2 4RE, Alba |
Cathraiche | Anas Sarwar |
Suidheachain | Dùn Èideann: 46 Lunnainn: 7 A' Bhruiseal: 2 |
Riaghaltas | Às an Riaghaltas |
Chaidh am Pàrtaidh Làbarach fhèin a stèidheachadh ann an 1909, agus tha e air a bhith gu math soirbheachail anns na taghaidhean ann an Alba bho a thòisich e. Bha am pàrtaidhean sàs ann an iomairtean airson fèin-riaghlaidh mar bhall Co-chruinneachadh Nàiseanta na h-Alba còmhla ri Pàrtaidh Libearal Deamocratach na h-Alba, Pàrtaidh Uaine na h-Alba, aonaidhean-ciùird agus eaglaisean, is rinn e iomairtean airson referendum na h-Alba ann an 1997.