![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/0/0f/Scythe_against_hedge.jpg/640px-Scythe_against_hedge.jpg&w=640&q=50)
Speal
From Wikipedia, the free encyclopedia
’S e inneal làimhe àiteachais a tha ann an 'speal, airson feur no arbhar a bhuain. Ged a thàinig innealan air an tarraing le each ’na h-àite, agus an uair sin tractaran, tha i fhathast ga chleachdadh. Mar inneal buana tha i nas adhartaiche na an corran, oir chan eil feum aig an neach buana a bhith a’ cromadh fad na h-ùine. Far an robh duine math air spealadh, le deagh speal, air a deagh sheatadh, dhèanadh e leth acair (0.2 ha) ann a’ latha. Feumar a bhith a’ cur faobhar gu tric air an iarann fhad ’s a thathar ag obair le speal.
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/0/0f/Scythe_against_hedge.jpg/640px-Scythe_against_hedge.jpg)
![Thumb image](http://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/b/b3/Scythe.svg/640px-Scythe.svg.png)
1. gob 2. iarann 3. 4. 5. 6. bann 7. crann 8. dòrn