baile air Leòdhas, Alba From Wikipedia, the free encyclopedia
Tha mu 8000 neach nan còmhnaidh an Steòrnabhagh, prìomh-bhaile nan Eilean Siar o chionn 1974, agus a h-aon baile a tha nas motha na bhaile-fearainn an Innse Gall. Tha na prìomh oifisean aig Comhairle nan Eilean Siar suidhichte anns an "White House". Bha am Mòd Nàiseanta Rìoghail anns a' bhaile fhèin ann an 2001, 2005 is 2016. 'S e Sgoil MhicNeacail an àrd-sgoil ann an Steòrnabhagh.
Steòrnabhagh | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Na h-Eileanan Siar |
Co-chomharran | 58° 12′ 32.65″ Tuath 6° 23′ 13.84″ Iar |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 8,055 (2001) |
Àireamh fòn | 01851 |
Ged a tha a' Ghàidhlig coitcheann (Tha a' Ghàidhlig aig corr agus 60% de muinntir Leòdhais), tha am baile fhèin làn Ghall agus mar sin 's e Beurla am prìomh chànan a th' air a chleachdadh agus 's e Steòrnabhagh aon de na h-àitean 'sna h-eilean far a bheil na clàran-seòlaidh air an sgrìobhadh gu h-àraid 'sa Bheurla seach 'sa Ghàidhlig.
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail ann an Steòrnabhagh/Na h-Eileanan Siar anns na bliadhnaichean 1979, 1989, 2001, 2005, 2011 agus 2016.
Dh'fhosgail An Taigh Cèilidh ann an 2022. 'S e àite cruinneachaidh agus àite thachartasan Gàidhlig a th' ann far a bheil a' Ghàidhlig ga bruidhinn. Gheibh luchd-ceannaich deoch theth 10% nas saoire ma dh'òrdaicheas iad anns a' Ghàidhlig. Anns an Aithisg Bhliadhnail 2023, dh'aithris An Taigh Cèilidh gu bheil mu 65% de chòmhraidhean anns an àite a' tachairt anns a' Ghàidhlig.
Chaidh Pròis a chur air chois anns a' bhaile ann an 2024. 'S e carthannas a th' ann am Pròis, a tha a' comharrachadh a' cheangail eadar daoine LGDTC2+ agus a' Ghàidhlig. 'S e Pròis a' chiad charthannas gèidh air an t-saoghal a tha ag obair tro mheadhan na Gàidhlig. Anns an Iuchar 2024, chumadh cèilidh dannsa ann an Caisteal Leòdhais an àite caismeachd, a dhèanadh a' chuid as motha de charthannais ghèidh air feadh an t-saoghail.
'S e port-mara airson aiseig a tha ann. An sin tha seirbheis aiseagan a' ruith gu Ulapul air a' mhòr-thìr le Caledonian Mac a' Bhriuthainn. Tha dà aiseig air an rathad, aon airson neach-siubhail agus agus fear eile airson lòd. Tha port-adhair aige, Port Adhair Steòrnabhagh a tha suidhichte mu 2 mhìle air falbh bhon bhaile fhèin, faisg air Mealabost. Tha itealan a' dol gu Inbhir Nis agus Glaschu gach latha.
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Every time you click a link to Wikipedia, Wiktionary or Wikiquote in your browser's search results, it will show the modern Wikiwand interface.
Wikiwand extension is a five stars, simple, with minimum permission required to keep your browsing private, safe and transparent.