Taigh Iain Ghròta
From Wikipedia, the free encyclopedia
'S e baile ann an Comhairle na Gaidhealtachd a tha ann an Taigh Iain Ghròta[1] (Beurla: John o' Groats; farainm: The Groats). Tha e ann an Roinn Ghallaibh (Gallaibh an ear) air taobh tuath na h-Alba.
Taigh Iain Ghròta | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd |
Siorrachd | Gallaibh |
Co-chomharran | 58° 38′ 24″ T 3° 4′ 12″ I |
Feartan fiosaigeach | |
Àireamh-shluaigh | 300 (2007) |
Àireamh fòn | 01955 |
Còd-puist | KW1 |
'S e Taigh Iain Ghròta an t-àite far an robh Duitseach don b' ainm Iain a' ruith aiseag dha Arcaibh uaireigin anns an linn Hainseatachd. Bha fàradh an aiseig seo a' cosgadh gròt.[2] A rèir na h-ùghdarrasan turasachd tha Taigh Iain Ghròt aig a' phuing as fhaide tuath air tìr-mhòir na h-Alba. Gu mì-fhortanach chan eil seo fìor: Tha am Parbh ann an Cataibh aig ceann siar den oirthir an tuath nas fhaisge air a' Phòla.
Tha aiseag a' ceangal Taigh Iain Ghròta ri Burwick ann an Raghnallsaigh eadar an Cèitean agus an t-Sultain.[3]