![cover image](https://wikiwandv2-19431.kxcdn.com/_next/image?url=https://upload.wikimedia.org/wikipedia/commons/thumb/b/b6/POL_Toru%25C5%2584_flag.svg/langgd-640px-POL_Toru%25C5%2584_flag.svg.png&w=640&q=50)
Toruń
From Wikipedia, the free encyclopedia
S' e baile mòr ann am meadhan na Pòlainn a tha ann an Toruń (IPA: ˈtɔruɲ, Gearmailtis: Thorn, Liotuànais: Torunė, Latbhais: Toruņa, Laideann: Thorunium). Tha e suidhichte aig 68m os cionn ìre na mara,[1] dìreach ri taobh Bydgoszcz, air an abhainn Vistula,[2] anns an roinn Kujawsko-pomorskie. Ann an 2010 bha 205,312 duine a' fuireach ann. Tha Toruń 335km air falbh bho Lublin, 340km bho Kraków, 147km bho Gdańsk agus 184km bho Warsaw, prìomh-bhaile na dùthcha.[3] ‘S e an 16mh baile as motha na dùthcha a th’ann.[4] A bharrachd air sin, fhuair am baile a chuid chòirichean ann an 1233[5] ri linn nam Piast agus chaidh oilthigh a stèidheachadh ann an 1945.[6]
Toruń
| |||||
![]() | |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | ![]() | ||||
Ceàrn | Toruń fhèin | ||||
Sgìre | ![]() | ||||
Co-chomharran | 53° 02 00' Tuath 18° 37' 00 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Àireamh-shluaigh | 203,158 (20014) | ||||
Àireamh fòn | +48 56 | ||||
Duilleag oifigeil | http://www.torun.pl/ |