'S e Roinn (Suainis: län) na Suaine a th' ann an Västmanlands län (Suomais: Västmanlandin lääni). Tha i na laighe eadar Loch Hjälmaren agus Loch Åmenningen, ann an cridhe na dùthcha, gu deas air Dalarnas län. 'S e Västerås a tha na phrìomh-bhaile. Chaidh an roinn a chruthachadh ann an 1634. Sìnidh Västmanlands län fad 5,146km² agus tha 264,276 duine a' fuireach ann.[1] Le sin, 's e an 17mh roinn as motha na Suaine a thaobh talmhainn agus an 13mh tè as motha a thaobh àireimh-sluaigh. 'S e Suainis tha ga bruidhinn an seo. Chan eil ach 10 sgìrean-riaghlaidh sa roinn seo,Västerås nam measg.