Àrasaig

From Wikipedia, the free encyclopedia

Àrasaig
Remove ads

'S e baile beag ann an Loch Abar a tha ann an Àrasaig (Beurla: Arisaig).[1]

Àrasaig
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gàidhealtachd
Siorrachd Siorrachd Inbhir Nis
Parraist Àrasaig agus Mùideart
Co-chomharran 56° 54′ 40″ Tuath
5° 50′ 33″ Iar
Comharradh-clèithe NM661864
Feartan fiosaigeach
Thumb
Suidheachadh
Àrasaig
Suidheachadh Àrasaig air a' Ghàidhealtachd
Is dòcha thu sireadh Àrasaig, Siorrachd Antigonis.

Tha dà stèisein-rèile ann air Rathad Iarainn nan Eilean, aon ann an Àrasaig fhèin eadar Stad-rèile Bhiasdail agus Mòrar,[2] a thogadh ann an 1901,[3] agus stèisean eile, Stèisean Bhiasdail, eadar Àrasaig agus Loch Ailleart.

Tha Àrasaig air an rathad A830 eadar An Gearasdan agus Malaig, agus rinn Còmhdhail Alba an A830 eadar Àrasaig agus Loch nan Uamh dùbailte ann an 2009.[4]

Tha am MV Sheerwater a' toirt seirbheisean aiseig do na h-Eileanan Tarsainn.[5]

Remove ads

Taigh Àrasaig

Thogadh Taigh Àrasaig ann an 1863, chaidh e ath-thogail ann an 1937 an dèidh do teine, agus bha e na ionad-trèanaidh sònraichte don Special Operations Executive san Dàrna Cogadh.[6] Thogadh Stad-rèile Bhiasdail mar stad prìobhaideach airson an taighe ann an 1907, ach tha e fosgailte ri luchd-siubhail.[7]

Daoine ainmeil

Chaochail Alasdair mac Mhaighstir Alasdair an seo agus chaidh e a thìodhlacadh anns an cladh.[8]

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads