A' Phortagail

From Wikipedia, the free encyclopedia

A' Phortagail
Remove ads

'S e dùthaich ann an iar-dheas na Roinn-Eòrpa a tha anns a' Phortagail[1][2][3][4] neo Portagail[5][6] (Portagailis: República Portuguesa, IPA: ʁɛ'publikɐ puɾtu'gezɐ). Tha crìochan aice gu tuath 's gun ear leis an Spàinn. Tha an Cuan Siar an iar agus deas air a' Phortagail. Tha Azores agus Madeira, eileanan anns a’ Chuan Siar, nam pàirt den Phortagail cuideachd. 'S e Lisbon am prìomh bhaile. Tha Sgioba nàiseanta rugbaidh aig a' Phortagail.

Quick facts Pàirt de, Cur air cois ...
Remove ads

Bailtean Mòra

Seo lista na bailtean as motha anns a’ Phortagail:

Daoine ainmeil

  • B' e Pedro Alvarez Cabral (1467-1520) am maraiche Portagaileach a lorg Brasil ann an 1498.
  • Lorg Ferdinand Magalhaens caolas eadar Ameireaga a Deas agus Tierra del Fuego, ris an canar Caolas Magellan an-diugh.
  • B' e maraiche ainmeil a bha ann am Vasco da Gama, sheòl e air adhart dhan ear-thuath gus an do ràinig e na h-Innseachan.
  • B' e Luís Vaz de Camões  (1524 - 1580) na bhàrd. Rinn e an duan-mòr Os Lusíadas.
  • B' e Fernando Pessoa (1888-1935) na sgrìobhadair. B' e Livro do Desassossego [Leabhar na h-Aimhreit] an leabhar as ainmeile a sgrìobh e.
  • B' e Amália Rodrigues (1920-1999) na bana-sheinneadair. Bha i a' seinn ann an nòs tradaiseanta leis an ainm "fado".
Remove ads

Eachdraidh

Ann an 15mh agus 17mh linn, bha ìmpireachd mhòr aig a' Phortagail. Fhuair Portagail ranntairean mòra ann an Ameireaga a Deas, Afraga, Àisia agus ann an Roinn a' Chuain Sèimh.

Ann an 1581, thòisich aonadh nan crùn eadar a' Phortagail agus An Spàinnt.

Bha an dùthaich gu mòr an sàs gnothach Tràilleachd thar a' Chuain Shiar eadar an 16mh Linn agus an 19mh Linn.

Tùsan

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads