An t-Òban
baile ann an Earra-Ghàidheil From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Tha An t-Òban na bhaile agus na cheann-ùidhe turasachd air a bheil fèill mhòr air an Iar-Ghaidhealtachd. 'S e An t-Òban am prìomh-bhaile airson Lathurnach, agus tha e suidhichte ann an taobh a tuath Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid. Tha a' Ghàidhlig aig deich sa cheud duine anns a' bhaile is cha do rugadh dà sa cheud den dhaoine seo ann an Alba. 'S e port cudromach a th' ann leis an dà chuid bàtaichean-èisg agus na h-aiseagan aig Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' siubhal ris na h-eileanan bhuaithe. Canaidh muinntir an Òbain gur e am prìomh-bhaile neo-oifigeil na h-iar-Ghaidhealtachd ach cha ghabhadh muinntir a' Ghearasdain ris an sin.
Remove ads
Cruinn-eòlas
Tha baile an Òbain, 's e sin am bàgh (òb) beag, air a shuidheachadh air bàigh aig ceann a deas na Linne Latharnach, mu choinneamh Cearrara agus ann an amharc eilean mòr Mhuile. 'S e am baile as motha a th' ann eadar Baile Eilidh is an Gearasdan.
Tachartasan
Chaidh am Mòd Nàiseanta a chumail san Òban anns na bliadhnaichean 1892 (b’ e siud a’ chiad Mòd riamh), 1893, 1894, 1898, 1906, 1920, 1926, 1934, 1953, 1962, 1970, 1978, 1992, 2003, 2009 agus 2015.
Bailtean Co-cheangailte
Laurinburg (North Carolina)[1]
Iomradh
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads