An Tairbeart Iar

From Wikipedia, the free encyclopedia

An Tairbeart Iar
Remove ads

'S e baile ann an Earra-Ghaidheal agus Bòd a tha ann An Tairbeart Iar no An t-Àrar (Beurla: Arrochar). Tha am baile suidhichte faisg air ceann Loch Long. 'S e seo na co-chomharran aige: 56° 11′ 46.39″ Tuath agus 4° 44′ 52.87″ Iar. Tha Beinn Artair (884 meatair) faisg air a' bhaile. Bha crìochan de na siorrachdan traidiseanta Earra-Ghàidheal is Siorrachd Dhùn Bhreatainn aig ceann siarach a’ bhaile gus a’ bhliadhna 1975.

Thumb
Sealladh air an Tairbeart Iar

A-rèir Iain Mhic an Tàilleir tha an t-ainm Gàidhlig "An t-Àrar" is an t-ainm Beurla "Arrochar" ceangailte ri Beinn Artair. Tha an dàrna ainm Gàidhlig "An Tairbeart Iar" a’ sealltainn gu bheil am baile eadar-dhealaichte bhon Tairbeart faisg air Loch Tairbeart.[1]

Remove ads

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads