Bànrigh Bhictoria

From Wikipedia, the free encyclopedia

Bànrigh Bhictoria
Remove ads

Rugadh a' Bhànrigh Bhictoria (no Bhioctoiria) air 24 an Céitean 1819 agus chaochail i air 22 am Faoilleach 1901. Bha i 81.

Quick facts monarch of the United Kingdom of Great Britain and Ireland (en), monarc Chanada ...

Thàinig i gun rìgh-chathair air 20 an t-Ògmhios 1837 agus chaidh a crùnadh mar Bhànrigh na Rìoghachd Aonaichte air 28 an t-Ògmhios 1838 aig Abaid na h-Iar-mhanachainn ann an Lunnainn, Sasainn.

Air 10 an Gearran 1840 phòs a' Bhànrigh Bhictoria Ailbeart Saxe-Coburg-Gotha agus bha naoinear chloinne aca. Chaochail am Prionnsa Ailbeart air 14 an Dùbhlachd 1861. 'S e am fiabhras breac a thug bàs dha.[1]

Fhuair an Institiud Foghlam na h-Alba bann sgrìobhte on a' Bhànrigh Bhictoria ann an 1851.[2]

Ré rìoghachadh Bhictoria bha Breatainn Mór na bùth-obrach dhan t-saoghal agus bha Impireachd Bhreatainn a riaghladh an dà chóigeamh cuid dhen t-saoghal. Chaidh Bhictoria a dhèanamh na Ban-ìmpire na h-Innseachan air 10 an Céitean 1876 an dèidh dhan Crùn smachd a ghabhail o Chompanaidh nan Innseachan an Ear ann an 1858[3] agus bha i na Bànrigh airson 63 bliadhna agus 7 mìosan.

Remove ads

A' Bhànrigh agus Alba

Thumb
Caisteal Bhaile Mhorail

Cheannaich Ailbeart an Oighreachd Bhaile Mhorail ann an 1852 air a son agus tha an oighreachd fhathast aig an teaghlach an-diugh. Rugadh a ban-ogha, bana-phrionnsa Bhictoria an siud ann 1887, a' chiad bhall dhen teaghlach rìoghail a rugadh ann an Alba o 1600. Dh'fhuireach rùnaire Innseanach Bhictoria, Abdul Kadir no am 'Munshi' ann an Caisteal Bhaile Mhorail eadar 1894 is 1901.[4]

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads