Bulgàiris
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e cànan sa gheug slabhach de na cànanan Innd-Eòrpach a th' ann am Bulgàiris neo български език. Tha Bulgàiris ga bruidhinn le timcheall air 7,990,000 duine ann am Bulgàiria, far a bheil i na cànan oifigeil agus 1,107,220 ann an corra àite ann an Romàinia, An t-Sèarb, An Ucràin agus ann an coimhearsnachdan eile air feadh an t-saoghail, còmhla ri cànain eile. Chaidh a' chiad leabhar fhoillseachadh ann am Bulgàiris anns an 9mh Linn. A bharrachd air sin, thathar ga sgrìobhadh anns an Aibidil Cirillach, neo Kirilitsa (Кирилица).
Remove ads
Eiseimpleir
- Bulgàiris:
Всички хора се раждат свободни и равни по достойнство и права. Те са надарени с разум и съвест и следва да се отнасят помежду си в дух на братство
Vsichki khora se razhdat svobodni I ravni po dosojnstvo i prava. Te sa nadareni s razum i s’vest i sledava da otnastjat pomezhdu si dukh na bratstvo.
Tha gach uile duine air a bhreith saor agus co-ionnan ann an urram 's ann an còirichean. Tha iad air am breith le reusan is le cogais agus mar sin bu chòir dhaibh a bhith beò nam measg fhèin ann an spiorad bràthaireil.[2]
Remove ads
Bulgàiris Bhunaiteach
- Dobre došãl. – Fàilte[3]
- Kak ste? – Ciamar a tha thu?
- Dobro utro – Madainn mhath.
- Dobãr den. – Feasgar Math.
- Dobãr večer. – Oidhche mhath.
- Doviždane. – Mar sin leat.
- Zdravejte. – Halò.
- Sãžaljavam. – Tha mi duilich.
- Izvinete. – Gabh mo leisgeil.
- Blagodarya. – Mòran taing.
- Kade e toaletnata? Càite a bheil an taigh beag?
- Az ne znam. – Chan eil fhios agam.
- Običam te. – Tha gaol agam ort.
- Nazdrave! – Slàinte!
Remove ads
Coimeas ri Cànain eile
Tha Bulgàiris uabhasach coltach ri cànain Slàbhach eile, gu h-àraidh Masadòinis, Searbais, Pòlais agus Ruisis:
Iomraidhean
Ceanglaichean A-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads