Càr

From Wikipedia, the free encyclopedia

Càr
Remove ads

'S e carbad le cuibhlichean agus motar airson giùlain a tha ann an càr.

Thumb
An Hillman Imp. Chaidh bodhaigean an Imp a thogail ann an Linwood, Siorrachd Rinn Friù.

B' e Carl Benz anns a' Ghearmailt a chruthaich a' chiad chàr mar a dh'aithnicheamaid ann an 1885.[1]

Càraichean agus Alba

Ro 1914 bha faisg air 50 companaidhean a rinn càraichean ann an Alba, mar eisimpleir Albion, Argyll is Arrol-Johnstone, ach rinn iad càraichean a làimh is cha b' urrainn dhaibh fheuchainn ri mòr-chinneasachadh.[2]

Chaidh factaraidh a thogail ann an Linwood, Siorrachd Rinn Friù sna 1960an airson càr beag, an Hillman Imp, a dhèanamh.[3] Bhuannaich Chrysler am factaraidh ann an 1967. Chaidh an t-Imp mu dheireadh a dhèanamh ann an 1976 is reic Chrysler ri Peugeot–Citroën ann an 1979. Dhùn Peugeot–Citroën am factaraidh ann an 1981.[4]

Remove ads

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads