Calum MacPhàrlain
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Bha Calum MacPhàrlain (1853-1931[1]) (sa Bheurla: Malcolm MacFarlane) na sgoilear Gàidhlig agus na sgrìobhadair òran. B' e rùnaire agus cheann-suidhe air Comunn Gàidhlig Ghlaschu a bh' ann, agus ghabh e pàirt san obair a bh' aig An Comunn Gàidhealach.
Remove ads
A Bheatha
Rugadh e ann an Dail Abhaich, Taobh Loch Obha, Earra-Ghàidheal[1], ach thogadh e ann am Pàislig.[1] Dh'fhàs e suas sa bhaile, agus fhuair e obair mar neach-tomhais. Dh'fhuirich e an siud fad a bheatha às dèidh sin.
Obair
B' esan a' chiad deasaiche de Làmh-sgrìobhainn Fheàrnaig, a dh'fhoillsicheadh ann an 1923. Ach b' ann mar sgrìobhadair agus mar eadar-theangair a fhuair e cliù, agus rinn e iomadh òran - fuinn agus faclan - cuideachd, a chaidh fhoillseachadh anns The Songs of the Highlands (c.1900).
Bha na sgrìobhaidhean aige a' nochdadh anns na h-irisean aig Ruaraidh Arascain is Mhàirr: Guth na Bliadhna, An Sgeulaiche, Alba, agus An Ròsarnach.[2]
Remove ads
Clàr-leabhraichean
Mar ùghdar
- 1925?. Am Mosgladh Mòr (Glascho [Glaschu]: An Comunn Gàidhealach). Pdf ri fhaighinn aig NLS.
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads