Cille Mheàrnaig
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e baile mòr ann an deas na h-Alba a tha ann an Cill Mheàrnaig[1][2] (Beurla: Kilmarnock).
| Cill Mheàrnaig | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Siorrachd | Siorrachd Inbhir Àir |
| Co-chomharran | 55° 36′ 40″ Tuath 4° 29′ 45″ Iar |
| Feartan fiosaigeach | |
| Farsaingeachd | 13.4663 km² |
| Àireamh-shluaigh | 43,588 (2001) |
| Dlùths | 3,236.82/km² |
| Àireamh fòn | 01563, còd-phostachd KA1-KA3 |
'S e Cill Mheàrnaig na phrìomh-bhaile ionadail Comhairle Shiorrachd Àir an Ear agus an dàrna baile as motha ann an Siorrachd Àir.
Tha grunn dòighean litreachaidh eile ann: Cill Mhearnaig,[3][4][5] Cill Mheàrnag,[6] is Cill-mheàrnag.[7]
Tha am baile ainmeil mar an t-àite far a chaidh a' chiad cruinneachadh òrain le Raibeart Burns Poems, chiefly in the Scottish dialect fhoillseachadh ann an 1786, agus airson a' cheangal aige ris a' chomharra-malairt uisge-beatha Johnnie Walker. Am measg nan seallaidhean sa bhaile tha carragh-chuimhne do Raibeart Burns, Dean Castle, stèisean- is drochaid-rèile agus meadhan a' bhaile air a tha "Kilmarnock Cross".
Tha a' chomhairle a' toirt fhoghlaim tro meadhan na Gàidhlig. Bha an t-ionad Gàidhlig aig Bun-sgoil Onthank gu ruige Caisge 2018, nuair an deach e ghluasad do Sgoil a' Choille Nuaidh.[8]
Remove ads
Daoine ainmeil
- William McIlvanney, sgrìobhaiche
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads