Cnòideart

From Wikipedia, the free encyclopedia

Cnòideart
Remove ads

'S e sgìre air a' Ghàidhealtachd an iar a th' ann an Cnòideart, a tha suidhichte eadar Linne Shlèite, Loch Nibheis agus Loch Shubhairne. Ann an 2001 bha 98 duine[1] a' fuireach ann agus 's e Inbhir Aoidhe am baile as motha ann. Chan fhaighear ann ach le bàta no air cois. Ann an Inbhir Aoidhe tha taigh-òsta a tha ainmeil mar an taigh-òsta as iomallaiche air tìr-mòr Bhreatainn, agus 's e The Old Forge[2] an t-ainm a th' air. A bharrachd air sin tha cafaidh, bùth, oifis a' phuist agus oifis fiosrachaidh ann. Tha an sgìre ann an ceann a tuath Chnòideart aithnichte mar na Garbh Chrìochan.

Quick facts Dùthaich, Sgìre riaghaltais ionadail ...

'S e sgìre nàiseanta de bhòidhchead shònraichte[3] a th' ann an Cnòideart, agus tha e tarraingeach do luchd-coiseachd air sgàth 's gu bheil e glè iomallach agus gu bheil Beanntan Rothaich leithid Ladhar Bheinn, Luinne Bheinn, Meall Buidhe agus Sgùrr na Cìche an sin. A bharrachd air sin tha e tarraingeach do sheòladairean agus daoine aig a bheil ùidh ann an nàdar agus fiadh-bheatha.

Remove ads

Eachdraidh

Ri linn an dàrna Chogaidh bha an oighreachd aig Lord Brocket is e a' cur taic ris na Nàsaich. Ann an 1948 dh'fheuch Seachdnar Chnòideart 65 acair a chur ann an grèim ach bhuannaich Brocket cùis laghail an aghaidh. Cheannaich Philip Rhodes à Surrey ann an 1985 is reic e oighreachd de 16,500 gu companaidh diut, Titaghur, a bha aig Reg Brealey. Ann an suidheachaidhean amharasach chaidh an oighreachd gu Stephen Hinchliffe a bha na stiùiriche aig C. B. Sheffield United còmhla ri Brealey.[4]

Ach a-nise 's ann leis an Knoydart Foundation a tha an oighreachd de 17,500 acair (71 km²), agus 's e co-obrachadh eadar muinntir an àite, Comhairle na Gàidhealtachd, Urras Iain Muir, Urras Chris Brasher agus Oighreachd Cille Còmhain a th' ann gus leasachaidhean seasmhach a dhèanamh gu math na coimhearsnachd agus na h-àrainneachd.

Remove ads

Daoine ainmeil

  • Iain Spàinnteach
  • Seachdnar Chnòideart

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads