Dòmhnall Mac an Deòir

From Wikipedia, the free encyclopedia

Dòmhnall Mac an Deòir
Remove ads

B' e neach-poileataigs na h-Alba a bha ann an Dòmhnall Mac an Deòir (no Dòmhnall Deòireach, Beurla: Donald Dewar). B' esan a' chiad Prìomh Ministear aig Alba.

Quick facts Ball de Chomhairle Dhìomhair na Rìoghachd Aonaichte, prìomh-chuip ...
Remove ads

Eachdraidh-bheatha

Rugadh e ann an Glaschu agus chaidh e gu Acadamaidh Glaschu agus an uairsin gu Oilthigh Glaschu. 'S ann aig Oilthigh Glaschu a choinnich e Iain Smith, a bha às déidh sin 'na cheannard aig Pàrtaidh Làbarach na h-Alba, aig comunn deasbaid an oilthigh.

Bha e na bhall de Phàrtaidh Làbarach na h-Alba agus den Phàrtaidh Làbarach Breatannach bho aois òg. Fhad 's a bha e ag obair ann an Glaschu mar neach-lagha chaidh a thaghadh 'na Bhall-Phàrlamaid airson an roinn-taghaidh Obar Dheathain a Deas, aig aois 28, anns an taghadh coitcheann 1966. Ann an 1970 dh'fhàg a bhean 's màthair an dithis cloinne e airson am fear-lagha Albannach Derry Irvine. Cha do rèitich an dithis fear a-riamh ged a bha iad còmhla anns an aon Chaibineat ann an 1997. Cha do phòs e a-rithist. Cuideachd ann an 1970 chaill e an seat aige anns an taghadh coitcheann 1970.

Thug e greis a mach a poileataigs anns na seachdadan ach thill e ann an 1978 mar Ball-Phàrlamaid ann san fhrith-thaghadh Glaschu Gart Sgadain.[1] Dh'èirich e gu luath troimh na h-ìrean agus ann an 1984 bha e 'na bhall den chaibineat dùbhlanach.

Pàrlamaid na h-Alba

Ann an 1997 nuair a bhuannaich am Pàrtaidh Làbarach an taghadh coitcheann rinn Tony Blair e 'na Rùnaire Stàite na h-Alba. Anns an dreuchd seo b' urrainn dha cumail air leis a' phròiseact a thòisich Iain Smith mus do bhàsaich e - Achd na h-Alba. Thòisich agus bhrosnaich e an tiomnadh chumhachdan agus ann an 1999 thàinig an obair a rinn e gu buil nuair a fhuair Alba a ciad Phàrlamaid airson 300 bliadhna, agus chaidh esan a thaghadh mar Phrìomh Mhinistear. Chaidh e cuideachd a thaghadh mar Bhall Pàrlamaid na h-Alba airson Glaschu Fearann Anna.

An obair mhór a bha e air dèanamh airson a' Phàrlamaid seo fhaighinn, thòisich e a' cur dragh air shlàinte agus bha aige ri obair-lannsa cridhe fhaighinn anns a' Chèitean 2000.

Thug e seachad Òraid an t-Sabhail ann an 2000.[2]

Bàs

Air 10 an Dàmhair sa bhliadhna sin bha call-fala mòr aige na cheann. Bhàsaich e an ath latha ann an Ospadail Coitcheann an Iar ann an Dùn Èideann.[3] Bha an tìodhlacadh aige ann an Cathair-eaglais Glaschu agus bha bròn ann nach fhaiceadh sa bhaile roimhe airson neach-poileataigs. Chaidh a chorp a losgadh agus a luaithre a sgapadh aig Ceann Loch Gilb.

Anns a' Chèitean 2002 dh'fhosgail Tony Blair ìomhaigh de Dhòmhnall Mac an Deòir aig ceann Rathaid Bhochanain ann an Glaschu.

Remove ads

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads