Dùghall Bochanan
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e bàrd Gàidhealach spioradail a bh' ann an Dùghall Bochanan (1716–2 an t-Ògmhios 1768).
Sgeul-beatha

Rugadh e ann an 1716 ann am Both Chuidir ann an Siorrachd Pheairt. Ann an 1749, phòs e ri tè air an robh Mairead Brisbane. Ann an 1751, fhuair e obair bhon Chuideachd Urramach a tà Chum Eòlas Crìosdaidh a Sgaoileadh mar thidsear ann an Ceann Loch Raineach. An ceann sreath, fhuair e obair mar Cheistear anns an sgìre sin cuideachd. Bha e 'n sàs ann an eadar-theangachadh dhen Tiomnadh Nuadh gu Gàidhlig còmhla ri Urramach Seumas Stiùbhart à Cill Fhinn.[1] Rinn Seumas Stiùbhart an eadar-theangachadh agus bha Dùghall Bochanan a' mharasglachadh an obrach. Dh’fhoillsich Bochanan leabhar de na laoidhean spioradail ann an 1767 ann an Dùn Èideann. Chaochail e ann an 1768 (bha e dìreach 52 bliadhna a dh'aois) agus chaidh a thìodhlacadh ann an cladh faisg air Calasraid.
Remove ads
Laoidhean
- Mòrachd Dhè
- Fulangas Chrìost
- Latha a' Bhreitheanais
- Am Bruadar[2]
- An Gaisgeach
- An Claigeann
- Am Geamhradh
- Ùrnaigh
Leabhar-chlàr
- Bochannan, Dughall (1773): Laoidh spioradail. Duinedin: Clodh-bhuailt le Eoin Reid.
- Bochanan, Dugall (1908): The Life, Conversion and Spiritual Hymns of Dugald Buchanan: Beatha agus Iompachadh Dhùghaill Bochannain. Edinburgh: John Grant.
Sgrìobhadh mu a dheidhinn
- Meek, Dòmhnall E. "Ath-sgrùdadh: Dùghall Bochanan". Gairm 147 (An Samhradh 1989), Gairm 148 (Am Foghar 1989).
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads