Dùnrath
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e baile air costa a tuath Gallaibh ann an Roinn na Gàidhealtachd a tha ann an Dùnrath[1] (Beurla Dounreay). Bha caisteal ann tràth, mar a tha an t-ainm “dùn rath” ag innse, a bha aig William Sinclair à Dùn Bheathadh ann an 1614 agus àitichte gu ruige 1863, ach chan eil ann ach tobhta a-nis.[2]
Dùnrath | |
![]() Na goireasan niùclasach aig Dùnrath | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | ![]() |
Siorrachd | Gallaibh |
Parraist | Meadhrath |
Co-chomharran | 58° 34′ 46″ T 3° 44′ 47″ I |
Comharradh-clèithe | NC985670 |
Feartan fiosaigeach |
Eadar 1942 is 1944 chaidh raon-adhair a thogail[3] is bho na 1950an tha dà ionad niùclasach air a bhith air làrach an raon-adhair, airson feuchainn ri fast breeder reactor beag, seòrsa stéisean cumhachd, a leasachadh ’s a thoirt gu buil, agus airson deuchainnean a dhèanamh air readhactaran airson bàtaichean-tumaidh. Tha a’ mhórchuid de na goireasan seo a-nis dùinte agus gan toirt às a chéile beag air bheag.[4]
Remove ads
Ceanglaichean a-mach
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads