Deòrsa Mac Iain Dheòrsa

From Wikipedia, the free encyclopedia

Remove ads

B'e bàrd agus eadar-theangadair a bh' ann an Deòrsa Mac Iain Dheòrsa (Ach na Feàrna, 1915 - 1984).[1] B' e George Campbell Hay ainm sa Bheurla ach chleachd e an t-ainm-sloinnidh Deòrsa Mac Iain Dheòrsa sa Ghàidhlig. Sgrìobh e ann an Gàidhlig, Beurla Ghallda agus Beurla. Sgrìobh e bàrdachd cuideachd ann am Fraingis, Eadailtis agus Nirribhis, agus dh'eadar-theangaich e bàrdachd bho iomadh chànan dhan Ghàidhlig.[2] Bha e na nàiseantach Albannach. 'S mathaid gur e 'Bizerta' an dàn as ainmeile le Mac Iain Dheòrsa.

Quick Facts Beatha, Breith ...
Remove ads

Sgeul-beatha

Rugadh Deòrsa Mac Iain Deòrsa ann an Ach-na-Feàrna ann an Siorrachd Rinn Friù ach thogadh e ann an Tairbeart, Loch Fìne.[3] Bha athair, an t-Urr. Iain MacDhùghaill Hay, na sgrìobhaiche cuideachd - sgrìobh e, mar eisimpleir, an nobhail ainmeil Gillespie. Fhuair Mac Iain Dheòrsa ceum bho Oilthigh Oxford.

Ann an 2015, 100 bliadhna on a rugadh Mac Iain Dheòrsa, chuireadh sreath de thachartasan air dòigh ann an Tairbeart gus cuimhneachadh air.[4] Chraol BBC Alba dràma ma dhèidhinn, Seeker Reaper, le Peter Mullan mar Mhac Iain Dheòrsa.[5]

An Dàrna Cogadh

Aig àm an dàrna cogaidh, dh'fheuch Mac Iain Dheòrsa an dleastanas-airm a sheachnadh, ach mu dheireadh thall, chaidh e dhan airm. Bha e stèidhichte ann an Algeria agus anns a' Ghrèig.[3]

Remove ads

Sgrìobhadh

Eadar-theangachadh

Dh'eadar-theangaich Mac Iain Dheòrsa iomadh bàrd Èorpach gu Gàidhlig, mar eisimpleir am bàrd Eadailteach an 14mh linn, Francesco Petrarch.

Clàr-leabhraichean

  • Fuaran Sléibh. Glaschu: William Maclellan, 1947.
  • Mochtàr is Dùghall Glaschu: Oilthigh Ghlaschu, Roinn na Ceiltis, 1982.
  • MacAmhlaigh, Dòmhnall (deas.). Nua-Bhàrdachd Ghàidhlig / Modern Scottish Gaelic Poems: A Bilingual Anthology. Dùn Èideann: Southside, 1976.
  • Byrne, Michel (deas.). Collected Poems and Songs of George Campbell Hay (Deòrsa Mac Iain Dheòrsa). Dùn Èideann: Edinburgh University Press, 2000.

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads