Fàrothais

From Wikipedia, the free encyclopedia

Remove ads

'S e an cànan a tha ga bhruidhinn anns na h-Eileanan Fàro a th' ann am Fàrothais.

Quick facts Far a bheil i 'ga bruidhinn, Luchd-labhairt iomlan ...

'S e cànan Gearmanach Tuath a th' innte. Tha i na cànan màthaireil aig suas ri 66,000 duine; 45,000 dhiubh a bhios a' fuireach anns na h-Eileanan Fàro agus 21,000 ann an àitichean eile, anns an Danmhairg airson a' mhòr-chuid. 'S e Innis-Tìlis an cànan as fhaisge air Fàrothais, ach chan urrainn do luchd-labhairt nan cànan ud am fear eile a thuigsinn. Tha sgrìobhadh na Fàrothaise nas coltaiche ri Innis-Tìlis, oir 's ann air an fhreumhachadh a chaidh a shuidheachadh agus chan ann air fuaimean chànan an làtha an-diugh.

Tha a' mòr-chuid de dhaoine sna h-Eileanan Fàro a' bruidhinn Fàrothais, agus tha i na cànan rianachail ann an neart dhe chùisean nan Eileanan. 'S e Danmhairgis an cànan eile a tha ga chleachdadh, gu h-àraid ann an conaltradh ris an Danmhairg.

Remove ads

Buaidh Ghaidhealach air Fàrothais

Nuair a chaidh na Lochlannaich do na h-Eileanan Fàro, thug iad tràillean Gàidhealach boireannach còmhla riutha gus mnathan a bhith aca; ri linn sin bha buaidh Ghàidhealach nochdte air Fàrothais. Seo liosta faclan Fàrothais a thàinig bho na cànanan Gàidhealach.

More information Gàidhlig ...


Remove ads
Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads