Fionnlagh J. MacDhòmhnaill
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e deasaiche, riochdaire telebhisein agus réidio a bh' ann am Fionnlagh J. MacDhòmhnaill (1925-1987), no Fionnlagh Dòmhnallach (Beurla: Finlay J Macdonald).
Rugadh agus thogadh e ann an Scarasda, na Hearadh, ann an 1925. Bha Gàidhlig aige bho thùs. Fhuair e foghlam aig Sgoil Phort Rìgh agus aig Oilthigh Ghlaschu.
Remove ads
Obraichean
Chaidh e air a' BhBC ann an 1945. Bha e ag obair mar riochdaire telebhisein agus réidio, agus rinn e obair mhòr gus am bi barrachd spèis ann airson na Gàidhlig anns na meadhanan seo. Chuir e air dòigh Comann Dràma Gàidhlig. Bha e a' deasachadh iris Sgoil Phort Rìgh, "An Cabairneach".[1] Sgrìobh e trì nobhailean ann am Beurla, 's iad a' dèiligeadh ris an dòigh-beatha anns na h-Eileanan Siar eadar an Cogadh Mòr agus an Dàrna Cogadh. Bha colbh-beachd seachdaineil aige ann an Weekly Scotland.
Gairm
Ann an 1951, chuir e agus Ruaraidh MacThòmais air dòigh Gairm, iris ràitheil Ghàidhlig. Bha i air a foillseachadh bho 1952 gu 2002. Mar a sgrìobh Ruaraidh MacThòmais:
"Chuir sinn Gairm air chois còmhla, agus 's iomadh feasgar is oidhche a bha sinn an sàs ann, anns na bliadhnachan tràtha sin. Bha fasan againn a bhith coinneachadh, nuair a bha dearbhaidhean a' chlò uile ri làimh, gus an ath àireamh a chur ri chèile. 'S ann an còmhnaidh air an fheasgar a thòisicheadh sinn, agus 's ann ainneamh a bhiodh an obair ullamh roimhe thrì no ceithir a dh'uairean an ath mhadainn." (Gairm 141, d. 11). [2]
Bha an dithis aca nan luchd-deasachaidh gu ruige 1964. As dèidh sin, bha Ruaraidh MacThòmais a' deasachadh Gairm 'na aonar.
Remove ads
Leabhar-chlàr
- Crowdie and Cream (1982)
- Crotal and White (1983)
- The Corncrake and the Lysander (1985)
Sgeulachdan-goirid
- "Air Beulaibh an t-Sluaigh"
Filmichean[3]
Mar riochdaire
- A Boy in Harris 1966
- Spindrift 1959
- The Highlander 1959
- Tolka Row 1959
- The Twelve Pound Look 1957
Mar sgrìobhadair
- Gruth is Uachdar 2002
- The World About Us: The Corncrake and the Croft 1977
Mar neach-stiùiridh
- The Twelve Pound Look 1957
Tùsan
Ceanglaichean a-muigh
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads