Flòdaigearraidh
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Is e baile croitearachd anns an Eilean Sgitheanach a th' ann am Flòdaigearraidh (Beurla: Flodigarry). Tha e suidhichte faisg air an rathad A 855 eadar Stafainn is an Ùig aig cois a' Chuith-raing ann an Trondairnis. 'S e seo na co-chomharran aige: 57° 39′ 45.54″ Tuath agus 6° 15′ 30.67″ Iar.


Tha Eilean Fhlòdaigearraidh suidhichte mu leth mhìle air falbh bho chosta a’ bhaile. San àird an ear-thuath tha eilean beag fada eile ann ris an canar Sgeir na Èireann.
Chaidh Flòdaigearraidh a chur air bhonn ann an 1909, an-diugh tha gu bhith 40 taigh ann. Faisg air a’ bhaile tha taigh-òsta ann far a bheil croit anns an robh Fionnghal NicDhòmhnaill a’ fuireach leis an duine aice. [1]
Remove ads
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads