Flòraidh NicNèill
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Bha Flòraidh NicNèill (Beurla: Flora MacNeil) (6 an Dàmhair 1928–15 an Céitean 2015)[1] ’na seinneadair Gàidhlig a rugadh agus a thogadh ann an Eilean Bharraigh. Rugadh i air an Leideig, faisg air Bàgh a' Chaisteil, ann an 1928. Bha seinneadairean air gach taobh dhen teaghlach, ach bhiodh i fhèin ag ràdh gur ann bho thaobh a màthar gu sònraichte a thug i am beartas òran a bha aice.
Chaidh i a dh'obair a Dhùn Èideann anns na bliadhnaichean às dèidh an Dàrna Cogaidh. Chlàr i mòran de dh’òrain do Sgoil Eòlais na h-Alba, ’s ghabh luchd-clàraidh leithid Hamish Henderson agus Alan Lomax ùidh shònraichte innte anns na 1950an. Dh'fhàs Flòraidh fìor ainmeil tro na bliadhnaichean airson a guth agus airson a dòigh seinn - an dà chuid am measg nan Gàidheal agus na b' fharsainge. A bharrachd air rèidio, telebhisean agus àrd-ùrlar ann an Albainn fhéin, sheinn i tric air feadh na Roinn Eòrpa agus an Aimeireagaidh.
Remove ads
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads