Framsóknarflokkurinn
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs Libearalach 's a th' ann am Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Adhartach). Chaidh a stèidheachadh air 16 an Dùbhlachd 1916[1] nuair a thàining Pàrtaidh nan Tuathanach agus Tuathanaich Neo-eisimeileach còmhla, le sin 's e am pàrtaidh poilitigeach as sìne a tha fhathast an sàs ann am beatha poblach Innis Tìle a th' ann. Ron Dàrna Cogadh, b' e gu robh Innis Tìle gu math dùthchail is a' mhòr-chuid nan daoine a' fuireach agus ag obair air an talamh. Ann am meadhan na linne dh' atharraich seo gu mòr, agus dh’ fheuch am pàrtaidh ri polasaidhean ùra a chur an gnìomh, ged a thathar fhathast a' cur fòcas air an dùthaich, a cuid choimhearsnachdan agus àiteachas. Tha ochdnar riochdairean aige san Alþingi (pàrlamaid), sianar boireannaich agus triùr fireannaich.[2] 'S e an treas fòrsa poileataigeach na dùthcha 's a th' ann am Framsóknarflokkurinn. Tha am pàrtaidh san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Vinstrihreyfingin - grænt framboð agus Sjálfstæðisflokkurinn a-nis.
Framsóknarflokkurinn | |
![]() | |
Fiosrachadh | |
Stèidheachadh | 19 an Dùbhlachd 1916 |
Luchd-stèidheachaidh | Ólafur Briem |
Àite-Stèidheachaidh | Reykjavík |
Beachd-smuainealas Eachdraidheil | talmhanachd |
Beachd-Smuainealas An-Dràsda | Libearalas |
Oifisean | Hverfisgata 33, 101 Reykjavík |
Cathraiche | Sigurður Ingi Jóhannsson |
Suidheachain | 8/63 |
Riaghaltas | Luchd-dùbhlain |
Remove ads
Taghaidhean dhan Alþingi
B' ann ann an 1923 a bha Framsóknarflokkurinn na bu shoirbheachaile, ach fhuair iad deagh thorraidhean ann an 2013.[3]
Prìomh-mhinistearan
Tha naoinear Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) air a bhith aige gu ruige seo:
- Tryggvi Þórhallsson (1927 - 1932)
- Ásgeir Ásgeirsson (1932 - 1934)
- Hermann Jónasson (1934 - 1942 agus 1956 - 1958)
- Steingrímur Steinþórsson (1950 - 1953)
- Ólafur Jóhannesson (1971 - 1974 agus 1978 - 1979)
- Steingrímur Hermannsson (1983 - 1987 agus 1988 - 1991)
- Halldór Ásgrímsson (2004 - 2006)
- Sigmundur Davíð Gunnlaugsson (2013 - 2016)
- Sigurður Ingi Jóhannsson (2016 - 2017)
Remove ads
Ceanglaichean a-muigh
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads