Geàrrloch
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e baile air a' Ghàidhealtachd a tha ann an Geàrrloch (Beurla: Gairloch).[1] Tha am baile suidhichte air bruach Loch Gheàrrlochair taobh an iar-thuath na h-Alba.
| Geàrrloch | |
Geàrrloch, meadhan a' bhaile  | |
| Suidheachadh | |
| Dùthaich | |
| Comhairle | Comhairle na Gàidhealtachd | 
| Co-chomharran | 57° 43′ 40.8″  T 5° 41′ 27.6″ I  | 
| Comharradh-clèithe | NG803769 | 
| Feartan fiosaigeach | |
| Àireamh-shluaigh | 740 (2011) | 
| Àireamh fòn | 01445 | 
| Còd-puist | IV21 | 
Tha roinn turasachd as t-samhradh gu math cudromach airson a’ bhaile. Tha raon-goilf, taigh-tasgaidh beag, taighean-òsta agus Ionad Choimhearsnachd ann. Tha an stèisean-rèile as faisge aige ann an Achadh na Sìne.
Tha Rèidio dà Locha, an stèisean rèidio as lugha ann an Alba, stèidhichte ann an Geàrrloch.
Chaidh am bàrd Uilleam Ros a thìodhlacadh ann an Geàrrloch. B' e am "Bàrd Gheàrrloch" am far-ainm a bha air. Rugadh e anns an Eilean Sgitheanach ach bhuineadh teaghlach a mhàthar do Sgìre Gheàrrloch. Ghluais an teaghlach aige gu Geàrrloch far an robh e na mhaighstir-sgoile. Bha e ainmeil airson nan òran aige, gu h-àraid bàrdachd romansach.
Remove ads
Iomraidhean
Ceanglaichean a-mach
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads