Henning Mankell
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
B' e sgrìobhadair ainmeil às an t-Suain a bh’ ann an Henning Mankell (IPA: hɛnˈnɪŋ ˈmaŋːkɛl, Stockholm 3 an Gearran 1948 - Göteborg 5 an Dàmhair 2015).[1] Ogha Ivar Henning Mankell, sgrìobhaiche-ciùil,[2] rugadh e sa phrìomh-bhaile na dùthcha ach dhealaich a phàrantan nuair a bha e na phàisd is thogadh e le athair, a bha na bhreitheamh, air feadh na Suaine: chuir e seachad bliadhnaichean ann an Sveg, Borås agus Paris.[3] Bha e na maraiche fad bliadhnaichean cuideachd.
Remove ads
Ghabh Mankell le beachdan poileataigeach na làimhe chlì fad a bheatha.[4] Bha e an lùib ar-a-ach nan oileanach ann an Paris ann an 1968. Thug e dubh-chàineadh do dh’ impireileas na Suaine ann an Aimearaga a Deas san 17mh Linn san dealbh-cluiche Nöjesparken. Bha e an sàs ann an iomairtean an aghaigh ana-ceartas agus grain-cinnidh fad a bheatha.[5]
Bha e na riochaire taigh-cluiche Teatro Avenida ann am Maputo (Mòsaimbic).[6] A dh’aindeoin uile uile, tha e ainmeil air feadh an t-saoghail airson nan leabhrichean eucoir a sgrìobh e mun charatar Wallander.[7] Cha do thoisich e na leabhraichean sin a sgrìobhadh ach ann an 1991.[8] Chaidh an sreath a reic air feadh na cruinne agus rinn am BBC sreath cuideachd.[9] Chaochail e le aillse ann an Göteborg ann an 2015. Bha e pòsta aig Eva Bergman,[10] nighean Ingmar Bergman.
Remove ads
Obair
Wallander
Linda Wallander
- Innan frosten (2002)
Eucoir eile
Eile
- Vettvillingen (1977)
- Fångvårdskolonin som försvann (1979)
- Dödsbrickan (1980)
- En seglares död (1981)
- Daisy Sisters (1982)
- Sagan om Isidor (1984)
- Leopardens öga (1990)
- Comédia infantil (1995)
- Vindens son (2000)
- Tea-Bag (2001)
- Djup (2004)
- Italienska skor (2006)
- Minnet av en Smutsig Ängel (2011)
Sofia
- Eldens hemlighet (1995)
- Eldens gåta (2001)
- Eldens vrede (2005)
Joel Gustafsson
- Hunden som sprang mot en stjärna (1990)
- Skuggorna växer i skymningen (1991)
- Pojken som sov med snö i sin säng (1996)
- Resan till världens ände (1998)
Do phàisdean
- The Cat Who Liked Rain – (2007)
Remove ads
Ceanglaichean a-muigh
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads