Iași

From Wikipedia, the free encyclopedia

Iași
Remove ads

'S e baile mòr eadar Chişinău agus Piatra Neamț, air an àirde an ear-thuath Romàinia a th' ann an Iași (IPA: ˈˈjaʃʲ, seann ainm: Târgul Ieșilor, Turcais: Yaş, Gearmailtis: Jassenmarkt, Ungairis: Jászvásár). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Bahlui, aig 60m cionn ìre na mara, san t-siorrachd (Romàinis: Județ) Iași. Tha 290,422 duine a' fuireach ann.[1] 'S e an dàrna baile as motha na dùthcha 's ann.

Iași
Yaş
Jassenmarkt
Jászvásár
Thumb
Gearradh-arm
no Seula
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich Romàinia
Ceàrn Iași
Co-chomharran 47° 09 25' Tuath
27° 35 25' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 93.9 km²
Àireamh-shluaigh 290,422 (2011)
Dlùths 3,092.89/km²
Àireamh fòn +40 02 32
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil
Remove ads

Eachdraidh

'S ann à ainm treubh Sarmatae air an robh Iasyx 's a th'ann an t-ainm. B' iad seo a shabaid an aghaidh Mharcus Aurelius. Chaidh am baile a chlàradh airson a' chiad turais ann an 1408. Thug Tatari, feachdan Impireachd nan Otomanach, Cosacaich agus Arm na Pòlainne ionnsaigh air Iași ochd tursan eadar 1513 agus 1686. Bha e na phrìomh-bhaile Țara Moldovei bho 1564 gu ruige 1859, an uair sin Principatele Unite gu ruige 1862 agus, aig àm A' Chogaidh Mhòir, prìomh-bhaile Romàinia eadar 1916 agus 1918.[2] Bha cultair Iùdhach uabhasach fhèin làidir ann an Iași ron chogadh. Ann an 1900 b' e Iùdhaich a bh' ann suas gu 51% muinntir a' bhaile. Rinneadh pogrom orra air 29 an t-Ògmhios 1941, agus an uair sin rinn an Uile-losgadh an còrr. Thug plèanaichean-cogaidh an Aonaidh Sobhiataich ionnsaigh air a' bhaile air 26 an t-Ògmhios agus 28 an t-Ògmhios 1941.[3] Thuit Iași gu feachdan an Aonaidh Sobhiataich air 29 an Lùnasdal 1944, aig deireadh An Dàrna Cogaidh.

Remove ads

Daoine ainmeil

Bailtean co-cheangailte

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads