Làithean na seachdain
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Tha seachd làithean na seachdain ann:
Sa Ghàidhlig, tha am facal aoine mar pairt de na h-ainmean air trì làithean - Diciadain (Di a' chiad Aoine), Diardaoin (Di eadar Aoine) is Dihaoine (Di na h-Aoine). Is ann à cleachdadh na h-eaglaise a tha sin a tighinn. Bha an eaglais an linn Cholm-Chille no, mar a chanar ris, an Eaglais Cheilteach a' cumail "aoine" air dà latha dhen t-seachdain. Tha am facal "aoine" a' ciallachadh "trasg" - latha gum bitheadh daoine (na manaich co-dhiù) a' seachnadh biadh mar comharra aithreachais. Mar a bhitheadh dùil, bha am prìomh aoine a' comharrachadh latha na ceusaidh agus bha a' chiad aoine dà latha roimhe. Tha buaidh na creideamh Chrìosdaidh air canan nan Gaidheal bu soilleir air a' chiad latha na seachdain "Didòmhnaich/Là na Sàbaid".
Tha ainmean pàganach air trì làithean eile - Diluain, Dimàirt agus Disathairne, a thàinig à ainmean Laideann. Anns a' Bheurla, tha na h-ainmean gu math pàganach, thig iad uile a freumhan pàganach - Sunday (Latha na Grèine), Monday (Latha na Gealaich, mar Diluain, "Lundi" sa Fhraingis), Tuesday (latha "Tiw", dia pàganach Gearmanach), Wednesday (latha "Woden", dia pàganach Gearmanach eile), Thursday (Latha Toir (Thor - tarann), dia pàganach Lochlannach), Friday (Latha Freyja, ban-dia phàganach Lochlannach), agus Saturday (Latha Saturn, dia pàganach Ròmanach, ann an "Disathairne" cuideachd)
Remove ads
Cànanan eile
Reul-eòlas
Àireamhail
Làithean na seachdain |
---|
Di-Dòmhnaich/Là na Sàbaid | Di-Luain | Di-Màirt | Di-Ciadain | Di-Ardaoin | Di-haoine | Di-Sathairne |
Remove ads
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads