Loch Nis
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Tha Loch Nis a' ruith timcheall air 23 mìltean (37 km) bhon iar-dheas Inbhir Nis. Tha an loch 21.8 mìle ceàrnagach (56 km2) am farsaingeachd, agus a' ruigsinn 755 troighean (230 m) aig a' phuing as doimhne. Aig ceann a deas an locha, tha e faisg air Loch Omhaich, agus tha an dà loch fhèin sa Chanal Cailleanach. Aig a' cheann a tuath, tha e ceangailte ri Uisge Nis.
Remove ads
O shean bhiodh daoine a' sealltainn air lochannan 's air aibhnichean le sùil gu math saobh-chreidmheach, gisreagach. Bha iad ion 's ag adhradh dhaibh. 'S e sin a chuir 's gu bheil lochannan is aibhnichean am bitheantas air an ainmeachadh air diathan is ban-diathan. Bha "dé" air na seann Cheiltich ris an abradh iad "Neas". Bhuaithe-san thàinig Loch Nis ー"Nis," san tuiseal ghinideach aig Neas. Tha an loch ainmeil airson uilebheist, air an tugadh am far-ainm Niseag, sgeulachd co-cheangailte ri Calum Cille 's a tha dol air ais gu linn nan Cruithneach, mar a chaidh a chlàradh ann an eachdraidh an naoimh fhèin.
Teamplaid:Smach ùghdarrais
Remove ads
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads