Mìcheal Ruiseal

From Wikipedia, the free encyclopedia

Mìcheal Ruiseal
Remove ads

Tha Mìcheal Ruiseal (Beurla: Michael William Russell) BPA (rugadh 9 an Lùnastal 1953) 'na neach-poileataigs de chuid Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba. Tha e 'na Bhall de Phàrlamaid na h-Alba, a' riochdachadh Earra-Ghàidheal agus Bòd, agus bha e 'na Runaire a' Chaibineit airson Foghlaim agus Ionnsachaidh Fad-beatha ro 2014. An dèidh don Reifreann mu bhallrachd Bhreatainn san Aonadh Eòrpach 2016 chaidh e 'na Mhinistear airson Còmhraidh RA air Àite na h-Alba anns an Eòrpa. Tha e 'na shuidhe ann an Caibineat Riaghaltas na h-Alba.[1] Tha companaidh telebhisein aige, Eala Bhàn, agus tha e air seachd leabhraichean a sgrìobhadh.

Quick Facts Ball 1mh Phàrlamaid na h-Alba, Ball 3mh Pàrlamaid na h-Alba ...

Tha e air a' Ghàidhlig a ionnsachadh gu fileantachd. Tha e air taic mhór a thoirt don Ghàidhlig sa Phàrlamaid, gu h-àraid leis a' chiad Bile na Gàidhlig ann an 2002. Ann an 2010, thug e seachad òraid sa Ghàidhlig ann an Comhairle na h-Eòrpa, a chiad uair a chaidh sin a dhèanamh.[2][3]

Ann an 2009 thug e seachad Òraid an t-Sabhail aig Sabhal Mòr Ostaig.

Remove ads

Iomraidhean

Ceanglaichean a-mach

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads