Mòr-thìr, Arcaibh
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
Tha Mòr Thìr neo Tìr Mòr (Beurla: Mainland; Lochlannais/Nornais: Megenland/Hrossey (eilean nan eich)) ann an Arcaibh. Ann an 2011 bha 17,162 duine a' fuireach air an eilean.[1]
Mòr-thìr | |
![]() | |
Stromness | |
![]() | |
Suidheachadh | |
Dùthaich | Alba |
Innis-mhuir | Arcaibh |
Co-chomharran | 59° 1′ T 3° 8′ I |
Comharradh-clèithe | HY350158 |
Feartan fiosaigeach |
Bailtean
- Bàgh na h-Eaglaise
- Stromness
- Finstown
- Birsay
Beanntan
Le 275m de dh'àirde 's e Mid Hill a' bheinn as àirde ann am Mòr-thìr Arcaibh.[2] Rud beag sa deas air Mid Hill tha Ward Hill ann; le 269m de dh'àirde 's e sin an dàrna beinn as àirde air an eilean. Nas fhaide gu deas tha Gruf Hill (189m) is Hill of Midland (158m) ann.
'S e Wideford Hill (225 m) an treas beinn as àirde, tha e suidhichte iar air Kirkwall. Faisg air Kirkwall chithear cuideachd na beanntan Keelylang Hill (221 m) agus Gaitnip Hill (101m), ach nas faide gu deas, aig ceann a deas Mòr-thìr Arcaibh, chan eil beanntan àrda ann. Gu ìre mhòr tha na trì beanntan mòra seo còmhdaichte le mòine.
Tha Costa Hill (151 m) suidhichte aig ceann a tuath an eilein. Timcheall air Costa Hill tha Vinquin Hill (100 m), Hundland Hill (106m), Kirbuster Hill (102m) agus Glower (102m). Gu ìre mhòir tha iad nas ìsle, tha feur a' fàs orra.
Aig ceann an iar an eilean, faisg air a' chosta, bho thuath gu deas chun a' bhaile Stromness thathar a' dol seachad air Vestra Fiold (129 m), Hill of Miffia (158 m), Merranblo (146 m) agus Hill of Lynedardy (136 m). Tha feur a' fàs orra cuideachd agus thèid an cleachdadh airson sprèidh a thogail.
Aig ceann an iar-thuath an eilein, eadar Kirkwall is Costa Head tha mòran beann ann. Air an t-slighe bhon iar-thuath chun an ear-dheas chithear Mid Hill (193 m), Greeny Hill (153m), Muckle Billia Fiold (196 m), Kame of Corrigall (182 m), Milldoe - Mid Tooin (224 m), Hammars Hill (165 m), Enyas Hill (141 m), Ward of Redland (209 m) agus Hill of Heddle (135m). Mar is trice tha iad còmhdaichte le mòine, cleachdar cuid dhiubh airson buan na mòine no airson caorach a thogail.
Remove ads
Iomraidhean
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads