Magnus Maximus

From Wikipedia, the free encyclopedia

Magnus Maximus
Remove ads

Bha Magus Maximus (Macsen Wledig anns a’ Chuimris, mu 335 - 388) na cheannard air taobh an iar na h-Ìompaireachd Ròmanaich eadar 383 agus a bhàs anns a’ bhliadhna 388. Rugadh e sa Spàinn agus chaidh e a stèidheachadh mar ìompaire leis an arm fhad 's a bha e air dleastanas ann am Breatainn. Rinn e a’ chùis air a phrìomh nàmhaid Gratianus faisg air Pairios agus chaidh a mharbh ann am blàr ann an Lyons air an 25 Lùnasdal 383. Thog Magnus Maximus prìomh bhaile Augusta Treverorum (Trier anns a’ Ghearmailtis) agus bha e na Chrìosdaidh.

Quick facts Impire na Ròimhe, seanadair Ròmanach ...
Thumb
Magnus Maximus air bonn-airgid
Remove ads

Magnus Maximus ann am beul-oideas na Cuimrigh

A rèir faoin-sgeul Chuimrich bho na meadhan-aoisean, phòs Magnus Maximus Elen Luyddog, nighean Eudaf à sgìre Segontium, 's e sin an daingneach Ròmanach faisg air Caernarfon, agus tha fianais, gu ìre, gu bheil an sgeulachd seo fìor. A rèir faoin-sgeul Chuimris dh’fhàg na Ròmanaich a' Chuimrigh fichead bliadhna ron chòrr dhe Bhreatainn. A rèir sinnsireachd Chuimrich tha Naomh Peblig agus Owain fab Macsen Wledig nam mic aig Magnus Maximus agus Elen. Sgrìobh agus sheinn Dafydd Iwan òran ainmeil mu dheidhinn Mhagnus Maximus, ‘Yma o Hyd’.

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:
Remove ads
Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads