Meßkirch

From Wikipedia, the free encyclopedia

Meßkirch
Remove ads

'S e baile eachdraidheil faisg air Ulm, ann an ceann a deas na Gearmailt a th' ann am Meßkirch (Schwäbisch: Mässkirch, IPA: ˈmɛskɪʁç). Tha e suidhichte ri taobh na h-Aibhne Ringgenbach, eadar Abhainn Danube agus Loch Konstanz, aig 616m os cionn ìre na mara, anns an sgìre Landkreis Sigmaringen, san stàit (Gearmailtis: Land) Baden-Württemberg. Tha 8,428 duine a' fuireach ann.[1]

Meßkirch
Thumb
Gearradh-arm
no Seula
Thumb
Thumb
Suidheachadh
Dùthaich A' Ghearmailt
Ceàrn Landkreis Sigmaringen
Sgìre Baden-Württemberg
Co-chomharran 47° 59 34' Tuath
09° 06 45' Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 76.24 km²
Àireamh-shluaigh 8,428 (2020)
Dlùths 110.55/km²
Àireamh fòn +49 07570/07575/07578
Duilleag oifigeil Duilleag Oifigeil
Remove ads

Eachdraidh

B' e an treubh Ghearmailteach Alemanni a ghabh os làimh na sgìre san 6mh Linn ach cha b' ann ach ann an 965 nuair a chaidh an t-ainm fhèin a chlàradh airson a' chiad turais mar Messankilche. Chuir feachdan na Frainge ruaig air Arm na h-Ostair an seo aig Blàr Mheßkirsch, a thachair air 4 an Cèitean agus 5 an Cèitean 1800.[2] Thug plèanaichean cogaidh Aimearaganach agus Breatannach ionnsaigh air stèisean rèile a' bhaile air 22 an Gearran 1945 agus chaill 35 am beatha. Ghabh saighdearan na Frainge os làimh Meßkirch air 22 an Giblean 1945 agus dh' fhuirich iad san sgìre gu ruige deireadh a' Chogaidh Fuaire.

Remove ads

Daoine ainmeil

Litreachas

  • Chronik der Grafen von Zimmern (15591566) le Froben Christoph von Zimmern[3]

Sgìrean

Seo, mar a leanas, liosta nam bailtean beaga agus clachain a tha fo sgàil Mheßkirch:

More information Seula, Sgìre ...

♯'S ann tro Dietershofen, an uair sin Ringgenbach, a shtruthas An Ringgenbach, mus tèid e dhan Ablach, air an taobh sear Leitishofen.

†Tha Heudorf suidhichte air an Slighe Bharoc na Swabia.

‡B' ann ann am Menningen-Leitishofen a bha stèisean rèile air an loighne eadar Radolfzell agus Mengen.

Remove ads

Bailtean Co-cheangailte

  • Sassenage
  • Kahoku

Ceanglaichean a-mach

Iomraidhean

Loading related searches...

Wikiwand - on

Seamless Wikipedia browsing. On steroids.

Remove ads