Mill a h-Uile Rud
From Wikipedia, the free encyclopedia
Remove ads
'S e còmhlan-ciùil punc à Seattle, ann an Aimearaga, a th' ann am Mill a h-Uile Rud a chaidh air bhog ann an 2003. Tha triùir anns a’ chòmhlan; Tim Armstrong (guth agus giotàr), Sgrios (guth agus giotàr beus) agus Sìne (na drumaichean). Rugadh màthair Shìne ann am Beinn na Faoghla ach bha Sìne fhèin air a togail eadar a' Ghalltachd agus na Stàitean Aonaichte. Thòisich Sìne agus Tim ag ionnsachadh na Gàidhlig nuair a bha iad a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus às dèidh dhaibh tachairt ri puncairean Gàidhlig eile mar Ruairidh à Oi Polloi.

Remove ads
Òrain
Tha na h-òrain aca mu dheidhinn feise mar as trice, gu math coltach, ann an dòigh, ris a’ bhàrdachd aig Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair, Iain Lom agus a leithid. Dh'fhoillsich iad CD, Ceàrr, ann an 2004 agus tha òrain aca air dà chlàr cruinneachaidh le Oi Polloi, Nad Aislingean agus Atomgevitter. Tha na òrain aca air fad 'sa Ghàidhlig.
Tha iad dubh an aghaidh mòran dhen phunc “Cheilteach” a tha, nam beachd-san, a’ reic droch ìomhaigh dhe na Gàidheil mar mhisgearan gòrach. Cuideachd tha iad gu math làidir mu dheidhinn cleachdadh na Gàidhlig, chan ann anns na h-òrain a-mhàin, ach cuideachd air na CDan, air an làrach-lìn aca, air an àrd ùrlair agus am measg à chèile gu làitheil.
Le Ceàrr, rinn iad a' chiad CD a-riamh a bha uile de dh'òrain ùra Gàidhlig. (B' e Play Gaelic aig Runrig a' chiad CD ròc ann an Gàidhlig, ach bha grunn òran tradaiseanta am measg nan òran ùra, agus b' e an clàr vinyl, Carson?, aig Oi Polloi a' chiad clàr punc uile gu lèir ann an Gàidhlig. B' e Ar Ceòl, Ar Cànan, Ar-A-Mach aig Oi Polloi a' chiad CD a bha uile de dh'òrain ùra Gàidhlig agus e cuideachd de dh'fhaide LP.) Cuideachd, rinn iad a' chiad làrach-lìn còmhlain a-riamh a bha ann an Gàidhlig a-mhàin.
Remove ads
Turasan
Chaidh iad air turasan air feadh nan Stàitean Aonaichte agus cuideachd ann an Alba agus anns an Roinn Eòrpa. Chluich iad ann an Steòrnabhagh, Dùn Èideann agus Glaschu. Chluich iad cuirm-chiùil bheò air Rapal air BBC Radio nan Gàidheal agus bha prògram mu an deidhinn air a sgaoileadh anns an t-sreath, Ealtainn.
Clàran
- 2004: Ceàrr (Clàran Droch-Shùil)
- 2005: Ceòl Gàidhlig mar Sgian nad Amhaich ("Steòrnabhagh"; aon òran air clàr-cruinneachaidh)
- 2006: Gàidhlig na Lasair ("Steòrnabhagh, Òran Sabaid Sabhal Mòr Ostaig agus Crath do Thòn"; trì òrain air CD-cruinneachaidh)
Cuirmean
Remove ads
Ceanglaichean a-muigh
- aiste air punc Gàidhlig anns The Scotsman
- aiste air Mill a h-Uile Rud anns The Scotsman
- 2mh aiste air Mill a h-Uile Rud anns The Scotsman
- 3mh aiste air Mill a h-Uile Rud anns The Scotsman
- 4mh aiste air Mill a h-Uile Rud anns The Scotsman
Wikiwand - on
Seamless Wikipedia browsing. On steroids.
Remove ads